Trace Id is missing

Windows 8.1 Language Interface Pack (LIP)

Bheir Language Interface Pack (LIP) airson Windows 8.1 dhan chleachdaiche eadar-theangachadh air cuid dhe na h-earrannan as cumanta ann an Windows 8.1.

Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.

  • Tionndadh:

    1.0

    Latha an fhoillseachaidh:

    12/11/2013

    Ainm an fhaidhle:

    LIP_gd-GB-32bit.mlc

    LIP_gd-GB-64bit.mlc

    Meud an fhaidhle:

    2.7 MB

    4.0 MB

    Bheir Windows Language Interface Pack (LIP) dhut eadar-theangachadh air cuid dhe na h-earrannan as cumanta ann am Windows. Nochdaidh teacsa sna draoidhean, bogsaichean còmhraidh agus ann an cuspairean na taice ’s na cobharach ann an cànan an LIP as dèidh dhut an LIP a stàladh. Mur eil eadar-theangachadh ann, chì thu an teacsa sa chànan anns an do stàlaich thu ro-shealladh Windows 8.1 o thùs. Mar eisimpleir, ma cheannaich thu tionndadh Spàinntis de Windows 8.1 is ma stàlaicheas tu LIP na Catalanaise, bidh cuid dhen teacsa sa Spàinntis fhathast. ’S urrainn dhut barrachd air aon LIP a stàladh os cionn an aon chànain bhunaitich. Gabhaidh na LIPs aig Windows a stàladh air tionndadh sam bith de Windows 8.1.
  • Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic

    Windows 8.1

    • Airson riatanasan an t-siostaim, briog an-seo

    • Airson stiùireadh mu na tha ri dhèanamh ron stàladh, briog an-seo

    1. Briog air a’ phutan Luchdaich a-nuas air an duilleag seo airson tòiseachadh air an luchdadh a-nuas no tagh cànan eile on liosta teàrnaidh.
    2. Dèan aon dhe na rudan a leanas:
      • Gus tòiseachadh air an stàladh sa bhad, briog air Ruith.
      • Gus a’ phacaid a shàbhaladh is a stàladh uaireigin eile, briog air Sàbhail
    • Airson stiùireadh mu na tha ri dhèanamh as dèidh dhut a stàladh, briog an-seo

    • Airson duilgheadasan a tha sinn eòlach orra, briog an-seo