Microsoft Office ScreenTip Language 2013
Seallaidh eadar-theangachadh nan gliocasan-sgrìn na tha air an sgrìn ann an cànan eile, can putain, clàir-thaice is bogsaichean-còmhraidh.
Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.
Tionndadh:
1.0
Latha an fhoillseachaidh:
28/8/2013
Ainm an fhaidhle:
screentiplanguage_gd-gb_32bit.exe
screentiplanguage_gd-gb_64bit.exe
Meud an fhaidhle:
1.5 MB
1.5 MB
Atharraich cànan nan gliocasan-sgrìn ach am faic thu eadar-theangachadh air na tha a' nochdadh air an sgrìn, – can putain, clàir-thaice is bogsaichean-còmhraidh – ann an cànan eile mar thaic do dhaoine a tha a' cleachdadh aplacaidean Microsoft Office ann an cànan nach tuig iad.
Bidh seo feumail ann an suidheachadh mar seo, mar eisimpleir:- Nuair a bhios feum air taic dhà-chànanach no ioma-chànanach
- Nuair a bhios einnseanair a' toirt seachad comhairle fiù mur eil an cànan sin aca
- Nuair a chleachdas cuideigin Office ann an cànan eile gu goirid, mar chleachdaichean air fàrsan
- Nuair a chleachdas iomadh duine an aon choimpiutair
Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic
Windows 7, Windows 8 Release Preview
- Aplacaidean Microsoft Office ris a bheil taic:
- Microsoft Office Word 2013, Microsoft Office Excel 2013, Microsoft Office Outlook 2013, Microsoft Office PowerPoint 2013, Microsoft Office OneNote 2013, Microsoft Office Visio 2013, Microsoft Office Publisher 2013
- Bathar-bog air a bheil feum:
- Dh'fhaoidte gum feum cànain taobh an Ear Àisia a chleachdas sgrìobhadh iom-fhillte faidhlichean sònraichte mus obraich iad. Gabhaidh seo a dhèanamh sa phanail-smachd fo "An sgeama ionadail 's na roghainnean cànain".
- Gus na luchdaich thu a-nuas a stàladh:
- Briog air a' phutan Luchdaich a-nuas airson an duilleag seo gus tòiseachadh air.
- Dèan aon dhe na rudan a leanas:
- Gus tòiseachadh air an stàladh sa bhad, briog air Ruith.
- Gus a’ phacaid a shàbhaladh air a' choimpiutair agus a stàladh uaireigin eile, briog air Sàbhail .
- Gus sguir dhen stàladh, briog air Sguir dheth .
Gus cànan nan gliocasan-sgrìn atharrachadh no gus an cur dheth:- Briog air a' phutan "Office File", tagh "Options" is an uairsin "Language" agus tagh "Match Display Language" airson cànan nan gliocasan-sgrìn.
Gus na luchdaich thu a-nuas a thoirt air falbh:- Fosgail a' phanail-smachd on chlàr-taice tòiseachaidh .
- Dèan briogadh dùbailte air Cuir ris/thoir air falbh prògraman .
- Chì thu liosta nam prògraman a tha stàlaichte agad. Tagh Microsoft Office ScreenTip Language and agus briog air Thoir air falbh no Cuir ris/Thoir air falbh . Ma nochdas bogsa-còmhraidh, lean ris an stiùireadh gus am prògram a thoirt air falbh.
- Briog air Tha no Ceart ma-thà gus daingneachadh gu bheil thu ag iarraidh am prògram a thoirt air falbh.