Microsoft Office Proofing Tools 2013 - Gàidhlig
Bheir Microsoft Office Proofing Tools comas dhut deasachadh a dhèanamh ann an cànan eile.
Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.
Tionndadh:
2013
Latha an fhoillseachaidh:
19/1/2015
Ainm an fhaidhle:
Proofingtools_gd-gb-x64.exe
Proofingtools_gd-gb-x86.exe
Meud an fhaidhle:
1.1 MB
1.1 MB
A bheil thu airson an litreachadh a dhearbhadh airson cànan nach deach a stàladh le Office gu fèin-obrachail? Seo an t-àite ceart dhut. Gabhaidh pacaidean Microsoft Office Proofing Tools a-steach na h-innealan-dearbhaidh uile a tha ri am faighinn airson Office sa chànan seo. Cha leig thu leas ach Office a stàladh 's a thòiseachadh ach am bi na h-innealan-dearbhaidh airson a' chànain agad ri làimh dhut sa bhad.Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic
Windows 7, Windows 8, Windows Server 2008 R2
Obraichidh an luchdadh a-nuas seo leis na prògraman a leanas:
Microsoft Office Excel
Microsoft Office OneNote
Microsoft Office Outlook
Microsoft Office PowerPoint
Microsoft Office Word
- Gus an luchdadh a-nuas seo a stàladh:
Stàlaich na h-innealan-dearbhaidh:
- Luchdaich am faidhle a-nuas 's tu a' briogadh air a' phutan "Luchdaich a-nuas" gu h-àrd 's a' sàbhaladh am faidhle air an diosga.
- Ruith am prògram stàlaidh.
- Air an duilleag "Leugh teirmichean ceadachas bathar-bog Microsoft", thoir sùil air na teirmichean, cuir cromag sa bhogsa "Briog an-seo gus gabhail ri teirmichean a' cheadachais airson bathar-bog Microsoft" 's briog air "Lean air adhart".
- Ruithidh draoidh an stàlaidh 's stàlaichidh e na h-innealan-dearbhaidh.
- Tòisich na h-aplacaidean Oifis fosgailte agad as ùr nuair a bhios an stàladh air a choileanadh.
Mìneachaidhean gus a' chleachdadh: Cha leig thu leas ach na h-innealan-dearbhaidh a chleachdadh mar as àbhaist -bu chòir dhut am faicinn airson a' chànain ùir a stàlaidh thu a-nis. Mar eisimpleir, 's urrainn dhut cànan an dearbhaidh a shuidheachadh air a' chànan ùr gus dearbhair-litreachaidh a chleachdadh (ma tha fear ri làimh) - airson fiosrachadh mu mar a nì thu sin, faic Gearr leum eadar cànanan le suidheachadh cànan an dearbhaidh
Gus an luchdadh a-nuas seo a thoirt air falbh:- Air a' chlàr-taice "Tòisich", tomh ri "Roghainnean" 's an uairsin briog air "Panail-smachd".
- Dèan briogadh dùbailte air "Cuir ris/thoir air falbh prògraman"
- Air liosta nam prògraman stàlaichte, tagh Microsoft Office Proofing Tools - [Cànan] 's an uairsin briog air "Dì-stàlaich", "Thoir air falbh" no "Cuir ris/thoir air falbh". Ma nochdas bogsa-còmhraidh, lean air adhart leis an stiùireadh gus am prògram a thoirt air falbh.
- Briog air "Tha" no "Ceart ma-thà" gus dearbhadh gu bheil thu airson am prògram a toirt air falbh. LITL