Trace Id is missing

Microsoft® Office Language Accessory Pack – Gàidhlig

Bheir Microsoft Office Language Accessory Pack – Gàidhlig comasan a bharrachd a thaobh an taisbeanaidh, na cobharach no nan innealan dearbhaidh a-rèir a’ chànain a stàlaicheas tu.

Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.

Luchdaich a-nuas
  • Tionndadh:

    2016/2019

    Latha an fhoillseachaidh:

    14/3/2016

    Ainm an fhaidhle:

    Office2016_LAP_Readme_gd-gb.docx

    Meud an fhaidhle:

    21.9 KB

    Bheir Microsoft Office Language Accessory Pack – Gàidhlig comasan a bharrachd a thaobh an taisbeanaidh, na cobharach no nan innealan dearbhaidh a-rèir a’ chànain a stàlaicheas tu.
    An dèidh dhut Microsoft Office Language Accessory Pack – Gàidhlig a stàladh, bidh na comasan is roghainnean a bharrachd ri do làimh am broinn aplacaidean Office agus aplacaid Microsoft Office Language Preferences.
  • Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic

    Windows 10, Windows 7, Windows 8

      Faic an ceangal airson an dàta as ùire air riatanasan an t-siostaim Riatanasan an t-siostaim airson Office
      Microsoft Windows 8 – siostam-obrachaidh 32 no 64 biod
      Microsoft Windows 10 – siostam-obrachaidh 32 no 64 biod. (Airson ceannachd aon turas air Office 2019, cha chuir sinn taic ach ri Windows 10 mar shiostam-obrachaidh)
      An aire: Stàlaich na pacaidean seirbheise as ùire airson an t-siostaim-obrachaidh agad ach am faigh thu an taic as fhearr airson do chànain.

    Bathar-bog Bheir tionndadh sam bith de shreath Office 2016 (no nas ùire) no aplacaidean aonaranach sa bheil Microsoft Excel, Microsoft OneNote, Microsoft Outlook, Microsoft PowerPoint no Microsoft Word taic ris an Language Accessory Pack – Gàidhlig airson Microsoft Office 2016 (no nas ùire.
    Coimpiutair agus pròiseasar Pròiseasar 1.6 GHz le taic ri SSE2 no fear nas fhearr; 4 GB RAM; 2 GB RAM (32-biod) no barrachd

    Àite air an diosg A bharrachd air an àite air an diosg a dh’fheumas aplacaidean Office iad fhèin, bidh feum air
  • 4 GB a dh’àite saor air a’ chlàr-chruaidh.

  • A thuilleadh air sin, cha bhi feum air dad a bharrachd ach na chleachdas na h-aplacaidean Office iad fhèin a chleachdas tu an cois an Language Accessory Pack 2016 – Gàidhlig airson Microsoft Office.


  • Windows Language Interface Pack Mholamaid dhut gun stàlaich thu na Language Interface Packs as ùire airson Windows ach am faigh thu an taic cànain as fhearr a thaobh an t-siostaim-obrachaidh ’s aplacaidean bathar-bog.

    Dùmhlachd-bhreacaidh na sgrìn is roghainnean DPI Chaidh iomadh cruth-clò a dhealbhadh gu sònraichte airson dùmhlachd-bhreacaidh de 1366 le 768. Ma tha cruth-clò do chànain doirbh ri leughadh, feuch an dùmhlachd-bhreacaidh sin no tè fiù nas àirde. An aire: Mholamaid dhut aplacaidean Office a chleachdaidh leis a’ bhun-roghainn Windows airson DPI – ’s e sin 96 DPI. Ma chleachdas tu an roghainn 120 DPI, dh’fhaoidte gum bi droch choltas air cuid a dh’aplacaidean ’s na còmhraidhean Office a’ fàs mòr.

    An sgeama ionadail ’s roghainnean cànain A bharrachd air sin, mholamaid dhut gun tagh thu cànan an Language Accessory Pack – Gàidhlig airson Microsoft Office airson an An sgeama ionadail ’s roghainnean cànain sa phanail-smachd .

  • Gus an Language Accessory Pack seo a stàladh:
    1. Luchdaich a-nuas faidhle an stàlaicheir airson an Language Accessory Pack ’s tu a’ briogadh air a’ cheangal Luchdaich a-nuas Language Accessory Pack Installer
    2. Tagh “ruith” an dèidh dhut a luchdadh a-nuas.
    3. Lean ris an stiùireadh air an sgrìn gus an stàladh a choileanadh.

    Tagh cànan an Language Accessory Pack mar chànan eadar-aghaidh a’ chleachdaiche
    An dèidh dhut an Language Accessory Pack a stàladh, is urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar chànan eadar-aghaidh a’ chleachdaiche o bhroinn aplacaidean Office no o bhroinn aplacaid nan roghainnean cànain aig Microsoft Office.

    Gus cànan eadar-aghaidh a’ chleachdaiche a shuidheachadh sna roghainnean cànain:

    1. Tòisich Roghainnean cànain Office
    2. san liosta Tagh cànanan deasachaidh, tagh an cànan deasachaidh a chleachdas tu as trice is briog air a’ phutan Suidhich mar a’ bhun-roghainn .
    3. san liosta Tagh cànanan taisbeanaidh is na cobharach, tagh an Cànan taisbeanaidh agad ’s briog air a’ phutan Suidhich mar a’ bhun-roghainn .
    4. Briog air a’ phutan Ceart ma-thà .

    Gus cànan eadar-aghaidh a’ chleachdaiche a shuidheachadh o bhroinn aplacaid Office:

    1. Rach gu Faidhle, Roghainnean is an uairsin tagh Cànan.
    2. san liosta Tagh cànanan deasachaidh, tagh an cànan deasachaidh a chleachdas tu as trice is briog air a’ phutan Suidhich mar a’ bhun-roghainn .
    3. san liosta Tagh cànanan taisbeanaidh is na cobharach, tagh an Cànan taisbeanaidh agad ’s briog air a’ phutan Suidhich mar a’ bhun-roghainn .
    4. Briog air a’ phutan Ceart ma-thà .

    Bidh na roghainnean cànain a thagh thu an sàs an ath-thuras a thòisicheas tu na h-aplacaidean Office agad.

    Atharraich cànan an litreachaidh
    Dh’fhaoidte gum bi innealan dearbhaidh nad chànan an cois Microsoft Office Language Accessory Pack – Gàidhlig. Seo mar a dh’atharraicheas tu an cànan aig pìos teacsa a chum ceartachadh an litreachaidh:

    Excel: Tha Excel a’ cleachdadh roghainn prìomh-chànan Microsoft Office a dh’fhiosrachadh a’ chànain a chum ceartachadh an litreachaidh. Airson seo atharrachadh, briog air Faidhle is an uairsin briog air Roghainnean. Briog air an roghainn Dearbhadh is tagh cànan anns an liosta Cànan an fhaclair .

    Outlook, PowerPoint, Word agus OneNote: Tagh an teacsa a bu toigh leat ceartachadh, briog air Lèirmheas, briog air a’ phutan Cànan is an uairsin briog air an roghainn Suidhich cànan an dearbhaidh. Tagh an cànan a tha a dhìth ort san liosta is briog air Ceart ma-thà.