Trace Id is missing

Geàrr-chunntas air na h-atharraichean air aonta seirbheisean Microsoft – 30mh dhen t-Sultain 2024

Tha sinn ag ùrachadh aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd-caitheimh air loidhne Microsoft. Tha an duilleag seo a’ toirt dhut geàrr-chunntas air cuid dhe na h-atharraichean as cudromaiche air aonta seirbheisean Microsoft.

Gus a h-uile atharrachadh fhaicinn, mholamaid gun leugh thu aonta seirbheisean Microsoft gu slàn an-seo.

  1. ’S e an 30mh dhen Iuchair 2024 an ceann-là foillseachaidh sa bhann-chinn a-nis agus e ann an èifeachd on 30mh dhen t-Sultain 2024.
  2. San earrann “A’ cleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taice” fon earrann “Modarataireachd is co-èigneachadh”, chuir sinn ris ceangal ris an duilleag phoileasaidh againn airson ’s gum bi e soilleir agus goireasach dhan luchd-chleachdaidh.
  3. San earrann “Teirmichean pàighidh”, rinn sinn na teirmichean nas soilleire a tha co-cheangailte ri toirt seachad aonta airson atharrachaidh prìs na seirbheise agus gum faigh thu cuimhneachan a dh’innseas mar a chuireas tu crìoch air na seirbheisean.
  4. San earrann mu na “Teirmichean a-rèir seirbheise”, dh’atharraich sinn na leanas:
    • San earrann “Xbox”, rinn sinn soilleir gum bi aig luchd-cleachdaidh, ma dh’fhaoidte, an t-susbaint is an dàta aca a cho-roinneadh air ùrlaran le treas-phàrtaidhean seach Xbox mus urrainn dhaibh geamannan Xbox Game Studio a chluich agus gun tracaich na h-ùrlaran le treas-phàrtaidhean seo, ma dh’fhaoidte, an dàta agad is gu co-roinn iad e fo na teirmichean aca-san. Mhìnich sinn san fho-earrainn “Clann air Xbox” nach bi gleusan roghainnean an teaghlaich ri làimh ma dh’fhaoidte ma chluichear geamannan Xbox Game Studio air ùrlaran le treas-phàrtaidhean. Rinn sinn soilleir gu bheil teirmichean cleachdaidh agus còdan-giùlain fa leth aig cuid a sheirbheisean Xbox ma dh’fhaoidte.
    • San earrann “Gleusan aig Teaghlach Microsoft”, rinn sinn soilleir nach fhaighear na gleusan seo àite sam bith eile ach air seirbheisean Microsoft agus nach fhaighear cothrom orra air ùrlaran eile a bharrachd ma dh’fhaoidte.
    • Microsoft Cashback: Chuir sinn earrann ris mun phrògram Microsoft Cashback a mhìnicheas am prògram agus a dhearbhas gum feumar gabhail ri teirmichean is cumhaichean Cashback mus urrainnear pàirt a ghabhail sa phrògram. Chuir sinn earrann ris mun phrògram Microsoft Cashback a mhìnicheas am prògram agus a dhearbhas gum feumar gabhail ri teirmichean is cumhaichean Cashback mus urrainnear pàirt a ghabhail sa phrògram.
    • San earrann “Microsoft Rewards”, rinn sinn nas soilleire mar a thagrar puingean air deas-bhòrd Rewards agus nach fhaighear puingean ach airson luirg còir airson adhbharan rannsachaidh pearsanta ann an deagh-rùn.
    • Chuir sinn ris earrann a dhearbhas na teirmichean is cumhaichean a tha seirbheisean àrainneachdan AI aig a’ Copilot fodhpa.
    • Dh’ùraich sinn an earrann mu na seirbheisean AI is tha e nas soilleire a-nis cò aig a tha susbaint thaiceil a ghin AI, teisteasan na susbainte is tagraidhean le treas-phàrtaidhean.
    • Chuir sinn ris earrann a mhìnicheas mar a ghèilleas sinn ri Achd So-ruigsinneachd na h-Eòrpa.
  5. Air feadh nan teirmichean, dh’atharraich sinn grunn rudan ach am bi iad nas soilleire agus gus an gràmar, mearachdan litreachaidh is cùisean eile d’ an leithid a chàradh. Dh’ùraich sinn ainmean is ceanglaichean-lìn cuideachd.