Trace Id is missing

An t-Aonta Sheirbheisean agad nas soilleire

Tha sinn ag ùrachadh aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd-caitheimh air loidhne Microsoft. Rinn sinn an t-ùrachadh seo gus na teirmichean againn a dhèanamh nas soilleire agus gus dèanamh cinnteach gum bi iad soilleir dhut fhathast agus a chum batharan, seirbheisean is feartan Microsoft ùra a chòmhdachadh.

Chì thu geàrr-chunntas air na h-atharraichean seo gu h-ìosal is thèid an cur an sàs 30mh dhen t-Sultain 2023. Ma leanas tu air adhart le cleachdadh nam bathar no nan seirbheisean againn on 30mh dhen t-Sultain 2023 a-mach, aontaichidh tu ri teirmichean an aonta seirbheisean Microsoft ùir.

Ceistean àbhaisteach

Dè th’ ann an aonta seirbheisean Microsoft?

’S e aonta eadar thu fhèin is Microsoft (no fear dhe na dlùth-chompanaich aige) a th’ ann an aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd-caitheimh air loidhne Microsoft. Chì thu liosta shlàn de na batharan agus seirbheisean a tha foidhe an-seo.

Dè na batharan agus seirbheisean nach eil fo aonta seirbheisean Microsoft?

Cha bhuin aonta seirbheisean Microsoft do bhathar no seirbheisean ag amas gu sònraichte air luchd-cleachdaidh le ceadachas mòr-thomaid, a’ gabhail a-steach luchd-cleachdaidh Microsoft 365 enterprise, foghlam no riaghaltais no Azure, Yammer, no Skype for Business. Mu dhealais a thaobh tèarainteachd, prìobhaideachd is gèillidh cho math ri fiosrachadh co-cheangailte an sàs air Microsoft 365 airson gnìomhachais, tadhail air Aonad Earbsa Microsoft air https://www.microsoft.com/trust-center/product-overview.

Dè na h-atharraichean a nì Microsoft air aonta seirbheisean Microsoft?

Chruthaich sinn geàrr-chunntas dhut air cuid dhe na h-atharraichean as cudromaiche an-seo.

Gus a h-uile atharrachadh fhaicinn, mholamaid gun leugh thu aonta seirbheisean Microsoft.

Cuin a thèid na teirmichean seo a chur an sàs?

Thèid na h-ùrachaidhean air aonta seirbheisean Microsoft a chur an sàs 30mh dhen t-Sultain 2023. Bidh na teirmichean làithreach agaibh an sàs fhathast gu ruige na h-ama ud.

Ciamar a ghabhas mi ris na teirmichean seo?

Ma chleachdas no dh’inntrigeas tu na batharan no seirbheisean againn às dèidh 30mh dhen t-Sultain 2023, aontaichidh tu ri aonta seirbheisean Microsoft ùr. Mur aontaich thu, ’s urrainn dhut cur romhad nach cleachd thu am bathar is na seirbheisean tuilleadh agus an cunntas Microsoft agad a dhùnadh ro 30mh dhen t-Sultain 2023.