Trace Id is missing

Geàrr-chunntas air na h-atharraichean air aonta seirbheisean Microsoft 30mh dhen t-Sultain 2023

Tha sinn ag ùrachadh aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd-caitheimh air loidhne Microsoft. Tha an duilleag seo a’ toirt dhut geàrr-chunntas air cuid dhe na h-atharraichean as cudromaiche air aonta seirbheisean Microsoft.

Gus a h-uile atharrachadh fhaicinn, mholamaid gun leugh thu aonta seirbheisean Microsoft gu slàn an-seo.

  1. ’S e an 30mh dhen Iuchair 2023 an ceann-là foillseachaidh sa bhann-cinn a-nis agus e ann an èifeachd on 30mh dhen t-Sultain 2023.
  2. San earrann “Do phrìobhaideachd”, leudaich sinn am mìneachadh aig “An t-susbaint agad” agus tha e a-nis a’ gabhail a-staigh susbaint a chruthaich thu leis na seirbheisean AI againn.
  3. San earrann “An còd-giùlain”, leudaich sinn am mìneachadh mu thoirt a-steach nan seirbheisean AI agus na riaghailtean airson an cleachdadh.
  4. San earrann “A’ cleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taice”, tha earrann ùr ann a-nis air a bheil “Modarataireachd is co-èigneachadh” airson ’s gun tuig an luchd-cleachdaidh na dòighean-obrach seo nas fheàrr.
  5. San earrann mu na “Teirmichean a-rèir seirbheise”, dh’atharraich sinn na leanas:
    • Chuir sinn ris iomradh air Dynamics 365 oir is urrainn do dhaoine clàradh aige airson triail slighe dearbhadh cunntas Microsoft.
    • Chuir sinn air gleus an earrann “Bing Places” a dhèanamh soilleir gun obraich am bathar mar bu chòir ri linn solarachadh ceadachas a’ chleachdaiche.
    • Chruthaich sinn earrann ùr air a bheil “Stòras Microsoft” a tha a’ gabhail a-staigh an dà chuid OneDrive agus Outlook.com, cuideachd ri linn atharraichean a thàinig air a’ bhranndadh. Tha e a-nis a’ riochdachadh mar a tha cùisean a thaobh nan crìochan stòrais, ’s e sin gu bheilear a’ cunntadh dàta ann an ceanglachain Outlook.com an dà chuid a thaobh nan crìochan dàta aig Outlook.com agus OneDrive còmhla. Tha ceangal ri duilleag le barrachd fiosrachaidh ann cuideachd.
    • Rinn sinn earrann nam “Microsoft Rewards” as soilleire cuideachd, a’ cur ris barrachd mun taic ri sgaoileadh eadar-nàiseanta a’ phrògraim, taic ri rolachadh fèin-obrachail de dhaoine aig a bheil cunntas Microsoft agus atharraichean eile a thàinig air a’ phrògram agus rudan a mhìnicheas am prògram nas fheàrr.
    • Chuir sinn ris earrann mu na seirbheisean AI a mhìnicheas cuingeachaidhean àraidh, cleachdadh na susbainte agad agus riatanasan co-cheangailte ri cleachdadh nan seirbheisean AI.
  6. Dheasaich sinn an earran “Brathan” le ùrachadh air staid a’ bhratha air cuid a cheadachasan is peutantan.
  7. Air feadh nan teirmichean, dh’atharraich sinn grunn rudan ach am bi iad nas soilleire agus gus an gràmar, mearachdan litreachaidh is cùisean eile d’ an leithid a chàradh. Dh’ùraich sinn ainmean is ceanglaichean-lìn cuideachd.