MICROSOFT TEIRMICHEAN REIC

Bùth luchd-caitheimh ann an Roinn Eaconomach na h-Eòrpa

Air ùrachadh sa Ghearran 2017

Fàilte do Bhùthan air loidhne ’s meanbh-reic Microsoft, gan obrachadh le Microsoft Ireland Operations Limited (“Microsoft,” “sinn,”), aig: The Atrium Building, Block B, Bóthar Halla na gCarraeirí, Ionad Gnó Áth an Ghainimh, Baile Àtha Cliath 18, Èirinn.

’S e “Bùth” na h-ionadan air loidhne agus meanbh-reic a leigeas leat batharan agus seirbheisean a bhrabhsadh, a shealltainn, fhaighinn, a cheannach, a rangachadh ’s a chur lèirmheas riutha a’ gabhail a-steach uidheaman, consoilean geama, susbaint dhigiteach, aplacaidean, geamannan agus a bharrachd. Còmhdaichidh na teirmichean reic (“teirmichean reic”) seo cleachdadh Bùth Microsoft, Bùth Office, Bùth Xbox, Bùth Windows agus seirbheisean Microsoft eile a nì iomradh air na teirmichean reic seo (“Bùth” còmhla). Slighe a’ Bhùtha, solairidh Microsoft inntrigeadh dha iomadh goireas, a’ gabhail a-steach raointean luchdaidh a-nuas, innealan bathair-bhog agus fiosrachadh mu bhathar-bog, seirbheisean agus bathar eile (“seirbheisean” còmhla agus còmhla ris a’ Bhùth, “Bùth”).

Cleachdaidh sinn am facal “bathar” no “batharan” gus iomradh a thoirt air nithean a tha gan tairgsinn sa Bhùth. Tha mòran dhe na batharan a tha gan tairgsinn sa Bhùth gan tairgsinn le eintiteasan eile seach Microsoft.

Nuair a chleachdas tu am Bùth, no nuair a gheibh thu batharan agus seirbheisean on Bhùth, gabhaidh tu ris na teirmichean reic seo, ri aithris prìobhaideachd Microsoft (faic an earrann “Prìobhaideachd is dìon an fhiosrachaidh phearsanta” gu h-ìosal) agus ris gach teirm is cumha, poileasaidh no aithris-àichidh iomchaidh a tha am broinn a’ Bhùtha no gan toirt iomradh orra sna teirmichean reic seo (“poileasaidhean a’ Bhùtha” còmhla). Mholamaid gun leugh thu poileasaidhean a’ Bhùtha gu cùramach. CHAN FHAOD THU AM BÙTH NO NA SEIRBHEISEAN A CHLEACHDADH MUR AONTAICH THU RI POILEASAIDHEAN A’ BHÙTHA.

Ma tha bùth meanbh-reic Microsoft san dùthaich no roinn-dùthcha agad, dh’fhaoidte gu bheil poileasaidhean diofraichte no a bharrachd aige. Faodaidh Microsoft poileasaidh sam bith ùrachadh no atharrachadh gun rabhadh uair sam bith.

Teirmichean co-cheangailte ri cleachdadh a’ bhùtha leat

1. Cunntas ballrachd. Ma dh’iarras bùth no seirbheis ort cunntas fhosgladh, feumaidh tu am fiosrachadh làithreach, coileanta is fìrinneach a dh’iarras am foirm clàraidh a thoirt dhuinn gus an clàradh a choileanadh. Dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort cuideachd gun gabh thu ri aonta seirbheise no teirmichean cleachdaidh fa leth mar chumha gus an cunntas fhosgladh. Tha cleachdadh a’ chunntais leat agus d’ inntrigeadh dhan bhùth ’s dhan t-susbaint a fhuair thu on bhùth fo bhuaidh nan teirmichean uile a riaghlas an cunntas Microsoft. Airson barrachd fiosrachaidh, faic aonta seirbheisean Microsoft. Is ann agadsa a tha uallach fiosrachadh is facal-faire a’ chunntais agad a chumail dìomhair agus is ann agadsa a tha uallach a thaobh gach gnìomhachd a thèid a dhèanamh leis a’ chunntas agad.

2. Na dèan cleachdadh mì-laghail no toirmisgte. Mar chumha gun cleachd thu am bùth ’s na seirbheisean, bheir thu barantas dhuinn nach cleachd thu am bùth air adhbhar sam bith a tha mì-laghail no toirmisgte fo na teirmichean reic, fo phoileasaidhean a’ bhùtha no fo theirm sam bith eile a bhios an sàs air cleachdadh a’ bhùtha leat. Chan fhaod thu am bùth a chleachdadh air dòigh sam bith a b’ urrainn cron a dhèanamh air frithealaiche Microsoft sam bith no lìonra sam bith a tha ceangailte ri frithealaiche Microsoft no cus uallach a chur air no a bhacadh no briseadh a-steach air cleachdadh a’ bhùtha le pàrtaidh sam bith eile. Chan fhaod thu feuchainn ri inntrigeadh gun ùghdarras fhaighinn dhan bhùth, dha chunntasan eile, siostaman coimpiutair no lìonraidhean a tha ceangailte ri frithealaiche Microsoft sam bith no dhan bhùth, le briseadh a-steach, mèinnearachd facail-fhaire no dòigh sam bith eile. Chan fhaod thu stuthan no fiosrachadh fhaighinn no fheuchainn ri fhaighinn air dòigh sam bith nach tèid a sholar dhut a dh’aona-ghnothaich leis a’ bhùth. Chan fhaod thu am bùth a chleachdadh ann an dòigh a bhriseas a-steach dha chòraichean treas phàrtaidhean, a’ gabhail a-steach cron a dh’aona-ghnothach do dhuine no eintiteas, a’ gabhail a-steach Microsoft. Chan fhaod thu bathar, fiosrachadh no seirbheis sam bith a fhuair thu on bhùth a sgaoileadh gu coimeirsealta, fhoillseachadh, a thoirt seachad fo cheadachas no a reic.

3. Stuthan a sholaireas tu dha Microsoft no a phostaicheas tu sa bhùth. Cha tagair Microsoft gur ann againne a tha na stuthan a sholaireas tu dha Microsoft (a’ gabhail a-steach beachdan, rangachaidhean agus molaidhean) no a phostaicheas tu, a luchdaicheas tu suas, a chuireas tu a-steach no a-null dhan bùth no dha sheirbheisean Microsoft co-cheangailte ris a chum lèirmheas le càch (cuiridh sinn “cur a-null” air gach stuth fa leth agus “cuir a-null” orra còmhla). Gidheadh, tha thu a’ toirt cead dha Microsoft gus an cur a-null agad a chleachdadh, atharrachadh, ath-dhèanamh, a sgaoileadh no a shealltainn (can a chum sanasachd), a’ gabhail a-steach d’ ainm, air feadh an t-saoghail. Ma dh’fhoillsicheas tu an cur a-null agad ann an raointean a’ bhùtha far am bi e ri fhaighinn air loidhne fad is farsaing gun chuingeachadh, dh’fhaoidte gun nochd an cur a-null agad ann am fianaisean no stuthan a bhrosnaicheas am bùth. Tha thu a’ toirt barantas gu bheil (agus gum bi) na còraichean iomchaidh uile agad gus gach cur a-null a sholaireas tu a thoirt seachad agus gun toir thu na ceadan seo dha Microsoft air feadh an t-saoghail agus cho fad ’s a mhaireas na còraichean seo.

Chan fhaigh thu airgead a thaobh cleachdadh do chuir a-null. Chan eil Microsoft fo uallach sam bith gus cur a-null sam bith a phostadh no a chleachdadh agus faodaidh Microsoft cur a-null sam bith a thoirt air falbh uair sam bith mar a thogras sinne. Chan eil uallach air Microsoft airson nan cur a-null agad no na stuthan a phostaicheas no a luchdaicheas suas càch no a chuireas càch a-steach no a-null leis a’ bhùth.

Ma chuireas tu a-null rangachadh no lèirmheas air aplacaid sa bhùth, dh’fhaoidte gum faigh thu post-d o Microsoft sa bheil susbaint o fhoillsicheir na h-aplacaid.

4. Ceanglaichean ri làraichean-lìn treas phàrtaidhean. Faodaidh am bùth ceanglaichean gu làraichean treas phàrtaidhean a ghabhail a-steach a bheir air falbh on bhùth thu. Chan eil na làraichean ceangailte sin fo smachd Microsoft agus chan eil uallach air Microsoft airson an t-susbaint aig làrach-lìn ceangailte sam bith no airson ceangal sam bith a tha am broinn làrach ceangailte. Cha solair Microsoft na cheanglaichean seo dhut ach mar ghoireas dhut agus cha chiall dha cheangal gun toir Microsoft aonta dhan làrach ud. Faodaidh gum bi do chleachdadh aig làrach-lìn an treas phàrtaidh fo bhuaidh theirmichean is chumhaichean an treas phàrtaidh ud.

Teirmichean co-cheangailte ri reic bhatharan AGUS SHEIRBHEISEAN dhut

5. Faotainneachd a-rèir far a bheil thu. Faodaidh gum bi bathar ri fhaighinn gus nach bi a bhith a-rèir do roinne-dùthcha no uidheim. A bharrachd air sin, dh’fhaoidte gum bi cuingeachaidhean an sàs air càite an urrainn dhuinn batharan a lìbhrigeadh no seirbheisean no susbaint dhigiteach a sholar. Gus a’ cheannachd agad a choileanadh, dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort gum bi seòladh bileachaidh is libhrigidh agad san dùthaich no roinn-dùthcha far a bheil am bùth on a tha thu a’ cheannach nì.

6. Dha cleachdaichean deireannach a-mhàin. Feumaidh tu a bhith nad chleachdaiche deireannach ach am faod thu bathar a cheannach on bhùth. Chan fhaod luchd ath-reic nithean a cheannach.

7. Cuingeachaidhean air an às-phortadh. Dh’fhaoidte gum bi bathar a fhuaras on bhùth fo laghan agus riaghailtean cusbainn is smachd às-phortaidh. Tha thu ag aontachadh gun gèill thu ris gach lagh is riaghailt nàiseanta is eadar-nàiseanta iomchaidh.

8. Bileachadh. Nuair a bheir thu dòigh pàighidh dha Microsoft: (i) tha thu a’ cur an cèill gu bheil cead agad an dòigh pàighidh sin a chleachdadh agus gu bheil dàta pàighidh sam bith a sholaireas tu fìor is ceart; (ii) tha thu a’ toirt ùghdarras dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson batharan, seirbheisean no susbaint ri faighinn a cheannaich thu leis an dòigh phàighidh agad; agus (iii) tha thu a’ toirt ùghdarras dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson gleus air airgead sam bith a’ bhùtha a chlàraicheas tu air a shon no a chleachdas tu. Tha thu ag aontachadh gun ùraich thu an cunntas agus am fiosrachadh eile agad sa bhad, a’ gabhail a-steach an t-seòlaidh puist-d is na h-àireamhan cairte-creideis is amannan crìochnachaidh ach an urrainn dhuinn na tar-chuir agad a choileanadh agus fios a chur thugad nuair a bhios feum air seo ri linn nan tar-chur agad. Faodaidh sinn airgead iarraidh ort (a) ro làimh; (b) aig àm a cheannachd; (c) beagan as dèidh na ceannachd; no (d) air dòigh ath-chùrsach airson fo-sgrìobhaidhean. Cuideachd, faodaidh sinn pàigheadh iarraidh ort suas don t-suim a dh’aontaich thu rithe agus leigidh sinn fios dhut ro làimh ma dh’atharraicheas an t-suim airgid a thèid iarraidh ort airson fo-sgrìobhaidhean ath-chùrsach. Faodaidh gun iarr sinn pàigheadh oirbh airson barrachd air aonan de na h-ùineachan pàighidh roimhe is làithreach agaibh aig an aon àm. Faic an earran “Ath-nuadhachadh fèin-obrachail” gu h-ìosal.

Ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an tairgse le ùine deuchainn, feumaidh tu crìoch a chur air an t-seirbheis aig deireadh na h-ùine deuchainne gus tàillean ùra a sheachnadh ach a-mhàin ma dh’innseas sinn dhut an caochladh. Mura cuir tu crìoch air an t-seirbheis ro dheireadh na h-ùine deuchainne, bheir thu ùghdarras dhuinn gun iarr sinn airgead air an dòigh pàighidh agad airson a’ bhathair no na seirbheise.

9. Pàigheadh ath-chùrsach. Nuair a cheannaicheas tu batharan, seirbheisean no susbaint dhigiteach stèidhichte air fo-sgrìobhadh (can gach seachdain, gabh mìos, gach 3 mìosan no gach bliadhna (mar as iomchaidh)), aidichidh is aontaichidh tu gun ùghdarraich thu pàigheadh ath-chùrsach agus gun tèid pàigheadh a dhèanamh gu Microsoft air an dòigh is air na h-eadaramhan ath-chùrsach a thagh thu gus an tèid crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh leat fhèin no le Microsoft. Le ùghdarrachadh pàighidhean ath-chùrsach, ùghdarraichidh tu gun dèan Microsoft pròiseasadh air na pàighidhean sin nan debits leatronaigeach no tar-chur maoin no tarraingean-banca leatronaigeach on chunntas a shònraich tu (mas e pàigheadh le Automated Clearing House no pàigheadh coltach ris a th’ ann) no nan tàillean air a’ chunntas a shònraich thu (mas e pàigheadh le cairt-chreideis no pàigheadh coltach ris a th’ ann) (“pàigheadh leatronaigeach” còmhla). Thèid tàillean fo-sgrìobhadh a bhileachadh no iarraidh ort ro làimh airson an eadaramh fo-sgrìobhaidh iomchaidh. Ma thèid pàigheadh sam bith a thilleadh gun phàigheadh no ma thèid cairt-chreideis no tar-chur coltach ris a dhiùltadh, tha Microsoft agus na solaraichean seirbheise aige a’ glèidheadh na còrach gun cruinnich iad tàille iomchaidh sam bith airson an nì air a thilleadh no air a dhiùltadh no airson gainnead maoin agus gun dèan iad pròiseasadh air gach pàigheadh den leithid mar phàigheadh leatronaigeach.

10. Faotainneachd agus uiread agus cuingeachaidhean air òrdain. Faodaidh prìsean agus faotainneachd nam batharan, nan seirbheisean is na susbainte digitich sa bhùth atharrachadh gun rabhadh uair sam bith. Faodaidh Microsoft an uiread a thèid a cheannach leis gach òrdan, gach cunntas, gach cairt-chreideis, gach neach no gach teaghlach a chuingeachadh. Mura bi na batharan, na seirbheisean no an t-susbaint dhigiteach no na seirbheisean a dh’iarr thu ri fhaighinn tuilleadh aig àm an òrdain no às a dhèidh, faodaidh sinn fios a chur thugas gus bathar eile a thairgsinn dhut. Mura roghnaicheas tu am bathar eile a thairg sinn dhut a cheannach, sguiridh sinn dhen òrdan agad.

Faodaidh Microsoft òrdan sam bith a dhiùltadh uair sam bith, ag ath-dhìoladh airgead sam bith a chosg thu airson an òrdain dhut, air adhbharan dligheil a ghabhas a-steach gun chuingeachadh mura choilean thu na chumhaichean a chaidh a shònrachadh aig am an òrdain, mura gabh am pàigheadh agad a phròiseasadh, mur eil na batharan, an t-susbaint dhigiteach no na seirbheisean ri am faighinn, no ma thachair mearachd fhollaiseach leis a’ phrìs no mearachd eile. Ma thachras mearachd leis a’ phrìs no mearachd eile dhen leithid, tha sinn a’ glèidheadh na còrach (a) gun sguir sinn dhen òrdan no cheannachd agad air neo (b) gun cuir sinn fios thugad le roghainnean eile. Ma thèid sgur dheth, thèid d’ inntrigeadh dha shusbaint cho-cheangailte sam bith a chur à comas.

Faodaidh sinn geamannan, aplacaidean, susbaint no seirbheisean a thoirt air falbh no a chur à comas air an uidheam agad a chum thu fhèin, am bùth no pàrtaidhean a bhios fo bhuaidh ma dh’fhaoidte a dhìon. Dh’fhaoidte gum bi cuid a shusbaint no aplacaidean gun fhaighinn o àm gu àm no gun tèid an tairgse rè ùine chuingichte. Faodaidh am faotainneachd a bhith a-rèir roinn-dùthcha. Mar sin, ma dh’atharraicheas tu an cunntas no an t-uidheam agad gu roinn-dùthcha eile, dh’fhaoidte nach urrainn dhut an t-susbaint no na h-aplacaidean cheannaich thu roimhe a luchdadh a-nuas a-rithist no susbaint shònraichte cheannaich thu roimhe a shruthadh a-rithist. Ma thachras seo, dh’fhaoidte gum bi agad ris an t-susbaint no na h-aplacaidean a phàigh thu san t-seann roinn-dùthcha agad a cheannach a-rithist. Seach air an ìre a bhios seo riatanach fo lagha iomchaidh, chan eil sinn fo dhleastanas gun solair sinn luchdadh a-nuas a-rithist no gun ath-sholair sinn susbaint no aplacaid sam bith a cheannaich thu.

11. Ùrachaidhean. Ma tha e iomchaidh, bheir Microsoft sùil airson ùrachaidhean airson nan aplacaidean agad is thèid iad a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail fiù ’s mur eil thu air do chlàradh a-steach dhan bhùth. ’S urrainn dhut na roghainnean agad atharrachadh mur eil thu airson ùrachaidhean air aplacaidean bùtha fhaighinn gu fèin-obrachail. Gidheadh, dh’fhaoidte gun tèid aplacaidean Bùth Office sònraichte a tha gan òstadh air loidhne gu tur no cuid dhiubh ùrachadh le luchd-leasachaidh na h-aplacaid agus dh’fhaoidte nach eil iad feumach air do chead gus ùrachadh a dhèanamh. Dh’fhaoidte nach urrainn dhut cuid a dh’aplacaidean eile inntrigeadh mus gabh thu ri ùrachadh.

12. Ceadachasan bathair-bhog is còraichean cleachdaidh. Tha am bathar-bog agus susbaint dhigiteach eile a gheibhear o na bùithtean gan toirt dhut fo cheadachas agus cha tèid an reic, dhut. Tha na h-aplacaidean a thèid an luchdadh a-nuas on bhùth gu dìreach fo bhuaidh teirmichean ceadachas aplacaid àbhaisteach (“TCAS”) a tha ri fhaighinn air [https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=838610&clcid=0x0491], mur eil teirmichean ceadachas eile gan solar leis an aplacaid (chan eil aplacaidean a chaidh a luchdadh a-nuas on Bhùth Office fo bhuaidh nan TCAS agus tha teirmichean ceadachais fa leth aca). Tha ceadachasan bathair-bhog a tha gan ceannach o bhùth meanbh-reic Microsoft fo bhuaidh an aonta ceadachais a thig an cois a’ bhathair-bhog, agus feumaidh tu aontachadh ris an aonta ceadachais nuair a cheannaicheas tu, nuair a luchdaicheas tu a-nuas agus/no nuair a stàlaicheas tu am bathar-bog. A bharrachd air sin, tha bathar-bog agus susbaint dhigiteach eile a tha ri fhaighinn sa bhùth fo bhuaidh riaghailtean a’ chleachdaidh air http://go.microsoft.com/fwlink/p/?LinkId=723143. Tha gach ath-dhèanamh no ath-sgaoileadh bathair-bhog no bathair nach eil a-rèir nan teirmichean ceadachais, riaghailtean cleachdaidh, agus laghan iomchaidh toirmisgte gu follaiseach agus dh’fhaoidte gun èirich peanasan sìobhalta is eucoireach mòra na lùib. Tha an fheadhainn a bhriseas fo chunnart casaid gu ìre as motha an lagha.

CUIR FIOS GU BÙTH MEANBH-REIC MICROSOFT (MAR A THATHAR GA MHÌNEACHADH SAN EARRANN “BRATHAN IS CONALTRADH” GU h-ÌOSAL) NAM BU TOIGH LEAT LETHBHREAC DHEN AONTA CEADACHAIS IOMCHAIDH FHAIGHINN AN-ASGAIDH AIRSON BATHAR-BOG ANN AM BOGSA MUS FOSGAIL THU PACADH BATHAIR-BHOG SAM BITH.

TEIRMICHEAN IS CUMHAICHEAN EILE. A bharrachd air a’ bhathar-bhog agus bathar eile a ghabhas luchdadh a-nuas, dh’fhaoidte gun tèid batharan is seirbheisean eile a thairgsinn dhut sa bhùth fo aontachaidhean cleachdaiche dheireannaich, teirmichean cleachdaidh, teirmichean seirbheise no teirmichean is cumhaichean eile fa leth. Ma cheannaicheas tu, ma luchdaicheas tu a-nuas no ma chleachdas tu na batharan sin, dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort aontachadh ris na teirmichean ud mus ceannaich thu, mus luchdaich thu a-nuas, mus stàlaich no mus cleachd thu iad.

A CHUM DO CHOFHURTACHD, DH’FHAOIDTE CUN CUIR MICROSOFT INNEALAN IS GOIREASAN A CHUM CLEACHDAIDH AGUS/NO LUCHDAIDH A-NUAS NACH EIL NAM PÀIRT DHEN BHATHAR NO DHE NA SEIRBHEISEAN A THA GAN REIC RI LÀIMH DHUT MAR PHÀIRT DHEN BHÙTH NO DHE NA SEIRBHEISEAN NO SA BHATHAR-BHOG NO BATHAR AGAINN. CHA TOIR MICROSOFT BARANTAS DHUT A THAOBH PONGALACHD NAN TORAIDHEAN NO AN ÀS-CHUIR A BHEIR INNEAL NO GOIREAS SAM BITH DHEN LEITHID DHUT SEACH AN FHEADHAINN A THATHAR GAM MÌNEACHADH SAN EARRANN “BARANTASAN BATHAIR”.

Gum biodh meas agad air còraichean seilbh inntleachdail càich nuair a chleachdas tu na h-innealan is goireasan a thathar a’ toirt dhut sa bhùth no ann am bathar-bog no bathar.

13. Còdaichean gus Bathar-bog agus susbaint a luchdadh a-nuas. Thèid cuid a bhathar-bhog agus susbaint a thoirt dhut slighe ceangail luchdaidh a-nuas a bheir sinn dhut sa chunntas Microsoft a tha co-cheangailte ris a’ cheannachd agad. Fo bhuaidh na h-earrainn gu h-ìosal, glèidhidh sinn an ceangal luchdaidh a-nuas agus an iuchair dhigiteach co-cheangailte ris airson nan ceannachdan seo fad 3 bliadhna às dèidh ceann-latha na ceannachd mar as trice ach cha ghèill sinn gun glèidh sinn iad rè ùine shònraichte sam bith. Airson batharan fo-sgrìobhaidh a thèid a sholar slighe ceangail luchdaidh a-nuas, dh’fhaoidte gum bi teirmichean is còraichean glèidhidh eile an sàs as urrainn dhut leughadh is aontachadh riutha nuair a nì thu am fo-sgrìobhadh.

Tha thu ag aontachadh gum faod sinn prògram glèidhidh nan iuchraichean digiteach atharrachadh no sgur dheth uair sam bith. Tha thu ag aontachadh cuideachd gum faod sinn stad a’ cur taic ri glèidheadh nan iuchraichean airson bathar no iomadh bathar uair sam bith air adhbhar sam bith, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, nuair a thig cearcall beatha taice a’ bhathair gu crìch agus nach fhaigh thu inntrigeadh dhan ceangal luchdaidh a-nuas no dhan iuchair dhigiteach tuilleadh an uairsin. Ma sguireas sinn dhen prògram againn no ma dh’atharraicheas sinn e air dòigh nach gheibh thu inntrigeadh dhan cheangal luchdaidh a-nuas no dhan iuchair dhigiteach/dha na h-iuchraichean digiteach sa chunntas agad tuilleadh, bheir sinn rabhadh dhut 90 latha ro làimh air a char as anmoiche slighe an fhiosrachaidh conaltraidh airson a’ chunntais Microsoft co-cheangailte.

14. Prìsean. Ma tha bùth meanbh-reic Microsoft againn san roinn-dùthcha agad, dh’fhaoidte gum bi na prìsean, taghadh nam bathar agus na brosnachaidhean a tha gan tairgsinn an-siud eadar-dhealaichte on fheadhainn aig a’ bhùth air loidhne. Cha toir Microsoft barantas gum bi prìs, bathar no brosnachadh a tha ga thairgsinn air loidhne ri fhaighinn no gun tèid a sholar cuideachd aig bùth meanbh-reic Microsoft no a chaochladh.

Cha toir am bùth barantas air an aon phrìs. Cha toir sinn an aon prìs seachad a nochdas ann an sanasachd mheanbh-reiceadairean eile airson nan aon nithean.

Dh’fhaoidte gun tairg sinn ro-òrdan air cuid a bhathar ro cheann-latha fhoillseachaidh. Airson barrachd fiosrachaidh air na poileasaidhean ro-òrdain againn, faic duilleag nan ro-òrdan https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=834935&clcid=0x0491 againn.

Mur innsear an caochladh, tha na prìsean a nochdas sa bhùth a’ gabhail a-steach cìsean is tàillean (“cìsean”) a dh’fhaodas èireadh an lùib na ceannachd. Cha ghabh na prìsean a nochdas sa bhùth a-steach na cosgaisean lìbhrigidh. Thèid cìsean is cosgaisean lìbhrigidh (mar as iomchaidh) a chuir ri suim do cheannachd agus nochdaidh iad air duilleag a’ phàighidh mus coilean thu an t-òrdan. ’S ann ortsa a-mhàin a bhios gach uallach gun tèid cìsean is cosgaisean dhen leithid a phàigheadh.

A-rèir càit a bheil sibh, dh’fhaoidte gum feumar airgead cèin a mhalairt ri linn cuid a thar-chuir no an làimhseachadh ann an dùthaich eile. Dh’fhaoidte gun iarr am banca agad barrachd thàillean ort airson nan seirbheisean ud ma chleachdas tu cairt-chreideis no -fhiachan. Bruidhnibh ris a’ bhanca agaibh airson barrachd fiosrachaidh.

15. Taghadh an ath-nuadhachaidh fhèin-obrachail. Ma tha ath-nuadhachadh fèin-obrachail ceadaichte san dùthaich, roinn-dùthcha, sgìre/còigeamh no stàit agad, faodaidh tu taghadh gun tèid na batharan no seirbheisean ath-nuadhachadh gu fèin-obrachail air crìoch ùine seirbheise stèidhichte. Cuiridh sinn nad chuimhne e air a’ phost-d mus tèid bathar no seirbheis sam bith ath-nuadhachadh airson teirm ùr. Nuair a bhios sinn air cur nad chuimhne gun do chuir thu romhad gun tèid am bathar no seirbheis agad ath-nuadhachadh gu fèin-obrachail, faodaidh sinn am bathar no seirbheis agad ath-nuadhachadh ag crìoch ùine na seirbheise làithrich agus a’ phrìs làithreach iarraidh ort airson teirm an ath-nuadhachaidh ach ma thagh tu gun cuir thu crìoch air a’ bhathar no an t-seirbheis mar a tha sinn a’ mhìneachadh gu h-ìosal. Cuiridh sinn nad chuimhne cuideachd gun iarr sinn airgead air an dòigh pàighidh a thagh thu airson an ath-nuadhachaidh ge b’ e an deach a clàradh air ceann-latha an ath-nuadhachaidh no a toirt seachad an uairsin. Bheir sinn treòrachadh dhut cuideachd mar as urrainn dhut crìoch a chur air na batharan no seirbheisean. Feumaidh tu crìoch a chur air ro cheann-latha an ath-nuadhachaidh air neo tèid do bhileachadh airson an ath-nuadhachaidh.

16. Am poileasaidh tillidh. Tha am poileasaidh tillidh ga chur ri barantasan laghail no còraichean tillidh achdail sam bith eile a bheir an lagh dhut, ma dh’fhaoidte (faic an earrann “Barantasan bathair” gu h-ìosal). A-rèir nan cuspairean-deuchainn tillidh againn, nuair a bhios tu air bathar iomchaidh a cheannach, faodaidh tu cùmhnant na ceannachd a thoirt air falbh agus ath-dhìoladh iarraidh gun adhbhar a thoirt seachad am broinn trichead (30) latha a’ mhìosachain. Falbhaidh an ùine air eadaramh an toirt air falbh an ceann trichead (30) latha

Ma bheir lagha iomchaidh do dhùthaich no roinn-dùthcha eadaramh toirt air falbh nas fhaide dhut, bidh an t-eadaramh sin an sàs.

Gus a’ chòir toirt air falbh agad a chur an cèill, feumaidh tu innse dhuinn mun cho-dhùnadh agad mus fhalbh an ùine air eadaramh an toirt air falbh. Cuir fios thugainn air reic is taic https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=824761&clcid=0x0491 gus innse dhuinn mun co-dhùnadh agad agus gus tòiseachadh air a’ phròiseas tillidh. Feumaidh tu am foirm toirt air falbh https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=838670&clcid=0x0809 seo a chleachdadh cuideachd ach chan eil sin riatanach.

Ma chuireas tu a’ chòir toirt air falbh agad an cèill, bheir sinn ath-dhìoladh dhut dhen airgead a phàigh thu airson nam batharan agus airson an lìbhrigeadh (ach na cosgaisean a bharrachd a dh’èireas o roghainn lìbhrigidh a thagh thu fhèin a tha nas cosgaile na an dòigh lìbhrigidh àbhaisteach ’s as saoire a tha sinn a’ tairgsinn). Feumar an t-ath-dhìoladh a chur dhan dòigh pàighidh thùsail. Feumaidh tu na batharan co-cheangailte a thilleadh dhuinn gun cus dàlach (chan ann as anmoiche na 14 latha on cheann-latha a dh’iarr thu an tilleadh) agus air do chosgais fhèin.

Mar chumha air an tilleadh agus chun a h-ìre a cheadaicheas an lagh, bidh na riatanasan gu h-ìosal an sàs. Feumar gach bathar a thèid a thilleadh a bhith air a làimhseachadh le cùram iomchaidh (cha bu chòir dha caitheamh no dochann a nochdadh agus feumaidh e a bhith ann an staid as urrainn dhuinn a reic a-rithist). Feumar bathar-bog is geamannan pacaidichte a thilleadh le an seula slàn.

Dh’fhaoidte gun leudaich sinn eadaramh an toirt air falbh rè shaor-làithean no ràithean eile. Ma tha eadaramh nas fhaide ga shanasachadh sa bhùth airson bathar sònraichte, bidh an t-eadaramh a tha ga shanasachadh an sàs.

Feumar an chuidhteas no cuidhteas prèasaint tùsail, an docamaideadh tùsail, na leabhraichean-mìneachaidh, an clàradh, na pàirtean is co-phàirtean (a’ gabhail a-steach càballan, uidheaman-smachd is co-innealan) agus pacaideadh an dèanadair a chur an cois gach tillidh. Fo bhuaidh an lagha iomchaidh, mura tèid na nithean seo a chur ris, dh’fhaoidte gun cuir seo dàil air an ath-dhìoladh no malart agad mura choilean e cuspairean-deuchainn nan tillidhean againn.

Faodaidh nithean a bhith ann nach fhaod thu tilleadh. Mura deach an caochladh innse le tairgse bathair shònraichte, bidh gach ceannachd dhen t-seòrsa dhe bhathar seo deireannach, cha ghabh an ath-dhìoladh agus cha bhi còir toirt air falbh agad airson nan ceannachdan seo:

aplacaidean digiteach, geamannan, susbaint agus fo-sgrìobhaidhean am broinn aplacaide, ceòl, filmichean, TV shows agus susbaint co-cheangailte riutha;

cairtean seirbheise/fo-sgrìobhaidh (can Skype, Xbox Live, Groove Music Pass);

cairtean prèasaint digiteach a chaidh a chur gu feum;

batharan a chaidh a phearsanachadh no a ghnàthachadh; agus

seirbheisean a tha air an lìbhrigeadh no caitheamh.

airson mion-fhiosrachadh slàn air mar a thilleas tu bathar iomchaidh faic duilleag tillidhean is ath-dhìolaidhean https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=723276&clcid=0x0491 againn.

17. Pàigheadh dhutsa. Ma tha airgead agad oirnn, tha thu ag aontachadh gun toir thu dhuinn am fiosrachadh ceart ri tìde a dh’fheumas sinn gus do phàigheadh. Seach airson pàigheadh/pàighidhean a thèid a dhèanamh ri linn na h-earrainn “Am poileasaidh tillidh” gu h-àrd, is ann ortsa a tha uallach a thaobh chìsean is thàillean a dh’fhaodadh èirigh ri linn na phàigheas sinn dhut. Feumaidh tu gèilleadh ri cumhaichean sam bith eile a chuireas sinn ort a thaobh do chòir air pàighidh sam bith. Ma gheibh thu airgead uainn air mhearachd, faodaidh gun neo-dhèan sinn seo no gun iarr sinn ort an t-airgead a thilleadh. Tha thu ag aontachadh gun cuidich thu sinn gus seo a dhèanamh. Faodaidh sinn pàigheadh dhutsa a lùghdachadh cuideachd gun rabhadh gus pàigheadh anabarrach roimhpe a rèiteachadh.

18. Cairtean prèasaint. Tha caitean prèasaint a chaidh a cheannach ann am bùth meanbh-reic Microsoft fo bhuaidh aonta meanbh-reic nan cairtean prèasaint a gheibh thu air

http://www.microsoftstore.com/store/msusa/html/pbPage.Help_Retail_Stores#GiftCards.

Tha cur gu feum is cleachdadh chairtean prèasaint Microsoft eile fo bhuaidh Teirmichean is cumhaichean cairtean prèasant Microsoft (https://commerce.microsoft.com/PaymentHub/Help/Show/toc_link_no_62).

19. Seirbheis nan custamairean. Faic an duilleag “Reic is taic” sa bhùth airson fiosrachadh conaltraidh agus ceistean gu sgioba taic nan custamairean. Ma tha thu a’ fuireach san Roinn-Eòrpa agus mur urrainn dhut a’ chùis agad a rèiteachadh slighe taic nan custamairean, faodaidh tu a’ chùis a thoirt dha dh’ùrlar Online Dispute Resolution an Aonaidh Eòrpaich air https://webgate.ec.europa.eu/odr/main/index.cfm?event=main.home.show&lng=EN. ’S e MSODR@microsoft.com a tha ann an seòladh puist-d conaltraidh aig Microsoft a bu chòir dhut a chur a-steach le d’ innteart. Thoiribh an aire nach eil an seòladh puist-d sin ann ach a thaobh cleachdadh le ùrlar Online Dispute Resolution an Aonaidh Eòrpaich agus chan e puing conaltraidh a th’ ann airson iarrtasan taice is ceistean farsaing.

20. Ath-chuairteachadh. Faic Ath-chuairteachadh https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=838590&clcid=0x0809 airson fiosrachadh mun phoileasaidh aig Microsoft a thaobh tilleadh sgudail, uidheamachd leactronaigeach is dealanach (WEEE) san uachdranas laghail agad.

TEIRMICHEAN COITCHEANN

21. Atharrachadh nan teirmichean. Faodaidh Microsoft na teirmichean reic atharrachadh uair sam bith is gun rabhadh dhut. Bidh na teirmichean reic a bha an sàs aig an àm a chuir thu a-steach d’ òrdan (no airson aplacaidean is geamannan an-asgaidh, aig an àm a dh’fheuch thu ris an aplacaid no geama a stàladh) a’ riaghladh an tar-chur fhaighinn agad agus na chùmhnant tar-chuir eadarainn. Dh’fhaoidte gun do dh’atharraich Microsoft na teirmichean reic gun rabhadh dhut ron ath thar-chur agad. Thoir sùil air na teirmichean reic gach turas a thig thu dhan bhùth. Mholamaid gun sàbhail no clò-bhuail thu na teirmichean reic nuair a gheibh thu rud ach am bi iad ri làimh dhut san àm ri teachd.

22. Cleachdadh ùghdarraichte; Cuingeachaidhean aoise. Tha thu ag aideachadh gu bheil ùghdarras agad gus òrdan a chur a-steach agus gus gnìomh laghail sam bith eile a dhèanamh a tha riatanach fo na teirmichean reic seo. Dh’fhaoidte gum bi cuingeachaidhean aoise an sàs air do chleachdadh a’ bhùtha, a’ gabhail a-steach ceannachdan.

23. Prìobhaideachd is dìon an fhiosrachaidh phearsanta. Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn. Cuiridh sinn gu feum fiosrachadh àraidh a chruinnicheas sinn uat gus am bùth obrachadh agus a sholar. Leugh aithris prìobhaideachd Microsoft https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=521839 on a mhìnicheas i na seòrsaichean de dhàta a chruinnicheas sinn uat agus o na h-uidheaman agad (“dàta”) agus mar a chleachdas sinn an dàta agad. Mìnichidh an prìobhaideachd cuideachd mar a chleachdas Microsoft an t-susbaint agad agus ’s e seo do chonaltradh le càch; postaichean no beachdan a chuir thu a-null gu Microsoft slighe a’ bhùtha; agus na faidhlichean, dealbhan, sgrìobhainnean, fuaimean, obraichean digiteach agus videothan a luchdaicheas tu suas, a ghlèidheas no a cho-roinneas thu slighe a’ bhùtha (“an t-susbaint agad”).

24. Taisbeanadh agus dathan a’ bhathair. Feuchaidh Microsoft ri dathan agus dealbhan a’ bhathair a shealltainn dhut gu pongail ach cha toir sinn barantas gur e an dath a chì thu air sgrìn no monatair an uidheim agad co-ionnann ri datha’ bhathair gu pongail.

25. Mearachdanleis an taisbeanadh sa bhùth. Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall ach am foillsich sinn fiosrachadh ceart agus ach an ùraich sinn am bùth gu cunbhalach agus gun ceartaich sinn mearachdan nuair a mhothaicheas sinn dhaibh. Gidheadh, dh’fhaoidte gu bheil susbaint sam bith sa bhùth cearr no ro shean uair sam bith. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach gun atharraichidh sinn am bùth uair sam bith, a’ gabhail a-steach prìsean no sònrachadh nam batharan, nan tairgsean agus na faotainneachd.

26. Crìoch a’ chleachdaidh no an inntrigidh. Faodaidh Microsoft crìoch a chur air a’ chunntas agad no air do chleachdadh a’ bhùtha uair sam bith air adhbhar dligheil sam bith, a’ gabhail a-steach ach gun chuingeachadh ma bhris thu na teirmichean reic seo no poileasaidhean a’ bhùtha no mur eil Microsoft ag obrachadh a’ bhùtha tuilleadh. Nuair a chleachdas tu am bùth, aontaichidh tu gur ann ortsa a tha an t-uallach (a-rèir nan teirmichean seo) airson òrdan sam bith a chuireas tu a-steach no tàille sam bith a dh’èireas ort ro chrìoch dhen leithid. Faodaidh Microsoft am bùth atharrachadh, sgur dheth no am bùth a chur à rèim uair sam bith air adhbhar sam bith agus gun rabhadh ro làimh dhut. Ma bheir atharrachadh, sgur dheth no cur à rèim dhen leithid buaidh air do chleachdadh na seirbheise no a’ bhathair no ma bhriseas e a-steach air an òrdan agad air dòigh sam bith eile, cuir fios tu reic is taic.

27. Barantasan bathair. Thig barantas an dèanadair an cois iomadh bathar a tha ri fhaighinn sa bhùth (a’ gabhail a-steach batharan Microsoft sònraichte agus batharan treas pàrtaidh sònraichte). Thoir sùil air barantasan nan dèanadairean iomchaidh a gheibh thu leis na batharan sin airson barrachd fiosrachaidh air mar a rèiticheas tu cùisean a tha fo chòmhdachadh nam barantasan sin. Airson cuid a bhathar, ’s urrainn dhut plana seirbheise leudaichte air barrachd cosgaise a cheannach ma thogras tu. Thoir sùil air na planaichean sònraichte airson mion-fhiosrachadh.

A bharrachd air sin, dh’fhaoidte gun tig batharan a tha gan reic no gan tairgsinn sa bhùtha (a’ gabhail a-steach batharan, seirbheisean agus susbaint dhigiteach) le còraichean agus barantasan nan lùib nach gabh àicheadh fon lagh, can dìon nan custamairean achdail a thaobh bathar, susbaint dhigiteach no seirbheisean mearachdach, millte no le tuairisgeul cearr orra. Thèid gach barantas coimeirsealta a thairgeas dèanadair, solaraiche seirbheise no neach-leasachaidh a chur ris na còraichean chustamairean èigneachail seo. Barrachd fiosrachaidh air Barantasan coimeirsealta ⁊ còraichean achdail https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=838670&clcid=0x0809.

CHA TOIR MICROSOFT AGUS A SHOLARAICHEAN, SGAOILEADAIREAN, ATH-REICEADAIREAN NO SOLARAICHEAN SUSBAINTE BARANTAS NO CUMHAICHEAN A BHARRACHD SAM BITH SEACHAD FO NA TEIRMICHEAN REIC SEO, A’ GABHAIL A-STEACH AIRSON SO-MHARSANTACHD, CÀILEACHD RIARACHAIL, ION-FHREAGARRACHD A CHUM AMAIS SHÒNRAICHTE NO NEO-BHRISEADH A-STEACH.

CHAN EIL MICOSOFT A’ TOIRT BARANTAS GU BHEIL FIOSRACHADH ON BHÙTH NO NA SEIRBHEISEAN CEART NO RI TÌDE. THA THU AG AIDEACHADH NACH BI COIMPIUTAIREAN IS SIOSTAMAN CIAN-CHONALTRAIDH GUN LOCHD AGUS GUN TUISLICH RUDAN O ÀM GU ÀM. CHAN EIL MICOSOFT A’ TOIRT BARANTAS GUM BI INNTRIGEADH DHAN BHÙTH GUN BHRISEADH, RI TÌDE, TÈARAINTE NO GUN MHEARACHD NO NACH TÈID SUSBAINT AIR CALL.

28. Crìochan fiachanais. Cha dhùin nì sam bith sna crìochan fiachanais seo às agus cha chuingich iad dìonan nan custamairean èigneachail a tha ri am faighinn san ranntair agad no fiachanas sam bith eile nach gabh às-dùnadh a-rèir an lagha. Bidh an dearbh rud fìor mu fhiachanas Microsoft, nan àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ma bha iad ri foill no dearmad a dh’adhbharaich leòn pearsanta no bàs.

a. Cha bhi Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige buailteach do chron neo-dhìreach sam bith, a’ gabhail a-steach call ionmhais mar chall prothaid, ach ma bha Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ri dearmad no droch-ghiùlan a dh’aona-ghnothach.

b. Cha bhi fiachanais air Microsoft airson nan cur a-null, na susbainte, an stutha no na gnìomhachdan agadsa no air an solar le luchd-cleachdaidh eile. Chan urrainnear susbaint no gnìomhan mar sin a chur as leth Microsoft agus chan eil iad a’ riochdachadh beachdan Microsoft.

c. Tha mòran dhe na h-aplacaidean, seirbheisean is batharan digiteach eile tha gan tairgsinn sa bhùth gan tairgsinn le eintiteasan eile seach Microsoft (“susbaint treas phàrtaidhean”). Seach a thaobh dìonan nan custamairean èigneachail air a tha thu airidh a-rèir lagh do dhùthcha no roinne-dùthcha, chan eil uallach air Microsoft airson susbaint treas phàrtaidhean no cùisean co-cheangailte rithe. Faic an earrann “Barantasan bathair” gu h-àrd.

d. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft ma dh’fhàillig leis a dhleastanasan fo na teirmichean seo a choileanadh no mura deach an coileanadh ach le dàil ma chaidh am fàilligeadh no an dàil adhbharachadh le suidheachadh nach eil fo smachd reusanta Microsoft (a leithid chòmhstrithean obrach, ghnìomhan Dhè, cogaidh no ghnìomhan ceannairceach, dochainn dhroch-rùnaich, thubaistean no gèillidh ri lagh iomchaidh no òrdugh riaghaltais sam bith). Nì Microsoft a dhìcheall gus na buaidhean aig gin dhe na tachartasan sin a lùghdachadh agus na dleastanasan a choileanadh nach eil fo am buaidh.

29. Buileachadh. Faodaidh gum builich no tar-chuir no toir sinn seachad ar còraichean is uallaichean fo na teirmichean reic seo, gu tur no gu ìre, aig àm sam bith agus gun rabhadh dhut. Chan fhaod thu còir sam bith fo na teirmichean reic seo a bhuileachadh no a thar-chur.

30. Taghadh an lagha agus an t-ionad gus connsachaidhean fhuasgladh. Ma tha thu a’ fuireach (no, ma tha thu nad ghnìomhachas, ma tha do pbrìomh-ionad gnìomhachais agad) san Roinn-Eòrpa, tha gach tagradh a thaobh nan seirbheisean agus nan seilbheachdan a fhuaras on bhùth an-asgaidh fo laghan Washington State anns na Stàitean Aonaichte gun bheum air solaran èigneachail lagh na dùthcha far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach. Tha gach tagradh a thaobh ceannachdan air airgead o na bùithtean agus seirbheisean air airgead fo bhuaidh laghan na dùthcha far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach. A thaobh uachdranas laghail, aontaichidh tu fhèin is Microsoft gun tagh sibh cùirtean na dùthcha far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach airson gach connspaid a dh’èireas ri linn nan teirmichean reic seo air neo, faodaidh tu a’ chùirt iomchaidh ann an Washington sna Stàitean Aonaichte Aimearaga a thaghadh.

31. Brathan.

a. Brathan agus dòighean gus tairgsean a chur a thaobh briseadh a-steach air còraichean seilbh inntleachdail. Tha meas aig Microsoft air còraichean seilbh inntleachdail aig treas phàrtaidhean. Nam gu toigh leat brath a thaobh briseadh a-steach air còraichean seilbh inntleachdail a chur thugainn, a’ gabhail a-steach tagraidhean a thaobh briseadh còrach-lethbhreac, cleachd na dòighean againn gus brathan air briseadh a-steach a chur thugainn (https://www.microsoft.com/info/cpyrtInfrg.aspx). CHAN FHAIGHEAR FREAGAIRT MUR EIL A’ CHEIST A’ BUNTAINN RIS A’ PHRÒISEAS SEO. Tha Microsoft a’ leantainn nam pròiseasan a chithear ann an Title 17, United States Code, Section 512 airson freagairt a thoirt do bhrathan a thaobh briseadh còrach-lethbhreac.Ma bhios sin iomchaidh, faodaidh gun cuir Microsoft cunntasan aig luchd-cleachdaidh sheirbheisean Microsoft à comas no gun cuir iad crìoch orra ma nithear briseadh is ath-bhriseadh a-steach air còraichean.

b. Sanasan còrach-lethbhreac is chomharran-malairt. Tha gach susbaint a’ bhùtha agus nan seirbheisean fo chòir-lethbhreac © 2016 Microsoft Corporation agus/no a chuid solaraichean, One Microsoft Way, Redmond, WA 98052, Stàitean Aonaichte Aimeireaga. Gach còir glèidhte. ’S ann againn no aig solaraichean treas pàrtaidh eile a tha tiotal, còir-lethbhreac is còraichean eile a thaobh seilbheachd inntleachdail air a’ bhùth, na seirbheisean is an cuid susbaint. Dh’fhaoidte gum bi Microsoft agus ainmean, suaicheantasan is ìomhaigheagan dhe gach bathar agus seirbheis Microsoft nan comharran-malairt no comharran-malairt clàraichte aig Microsoft anns na Stàitean Aonaichte, ann an Canada agus/no dùthchannan eile.

Tha liosta dhe na comharran-malairt aig Microsoft ri faighinn air: https://www.microsoft.com/trademarks. Faodaidh gu bheil ainmean chompanaidhean agus bhatharan fìora nan comharran-malairt aig na seilbheadairean àraidh. Tha gach còir nach eil ga toirt seachad gu follaiseach sna teirmichean reic seo glèidhte.

32. Rabhadh sàbhailteachd. A chum seachnadh leòn, mì-chofhurtachd no sgithear nan sùilean, bu chòir dhuibh stad de chleachdadh nan geamannan agus aplacaidean eile o àm gu àm, gu h-àraidh ma bhios sibh a’ faireachdainn pian no sgìths ri linn ur cleachdaidh. Ma tha mì-chofhurtachd a’ tighinn oirbh, gabhaibh fois. Faodaidh mì-chofhurtachd a’ gabhail a-steach òrrais, cur na mara, tuainealach, tuathalachd, ceann goirt, sgìths, sgithear nan sùilean no sùilean tiorma. Faodaidh cleachdadh aplacaidean ur n-aire a tharraing agus an fheadhainn tha timcheall oirbh a bhacadh. Seachnaichibh cnapan-starra a chuireadh air ur beul fodha sibh, staidhrichean, mullaich ìosal agus nithean luachmhor brisg a b’ urrainn sibh milleadh. Thig taom aig àireamh bheag a dhaoine nuair a choimheadas iad air dealbhan àraidh leithid solais a’ boillsgeadh no pàtrain a dh’fhaodadh a nochdadh ann an aplacaid. Dh’fhaoidte gum buail taom mar seo air daoine aig nach robh a leithid roimhe ma tha an tinneas seo orra gun fhiosta. Aithnichear e air gog-cheannachd, caochladh lèirsinn, snaoidheadh no crathadh nam ball, tuathalachd, breisleach, tuiteam ann an neul no braisean. Ma bhuaileas dad mar seo oirbh, sguiribh den chleachdadh sa bhad agus iarraibh comhairle dotair no iarraibh comhairle dotair mus cleachd sibh na h-aplacaidean ma bha dad mar seo oirbh roimhe. Bu chòir do phàrantan sùil a thoirt a-mach ach am mothaich iad comharradh air duilgheadas nuair a chleachdas an cuid cloinne aplacaidean.